91Ó°ÊÓ

Research and reports

Rannsachadh Gàidhlig | Gaelic research

""

Ar Cànan, Ar Cultar, Ar Beartas

Read in English

Tha sinn air ‘Ar Cànan, Ar Cultar, Ar Beartas (Our language Our Culture Our Prosperity) fhoillseachadh.

Comharraichidh am prìomh sgrùdadh seo le far am faod inbheisteadh targaidte air Gàidhlig, na buannachdan fad-amail as fheàrr a lìbhrigeadh do choimhearsnachdan is ghnothachasan. 

Air a choimiseanadh le 91Ó°ÊÓ ann an com-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, VisitScotland agus Leasachadh Sgilean na h-Alba, tha an rannsachadh ga ghabhail os làimh le GC Insight còmhla ri Reference Economics agus Lasair Earranta.

Mu dheidhinn an rannsachaidh

Le iarrtas a’ meudachadh airson eòlasan cultarach a tha fìor, an fhaicsinneachd air Gàidhlig ann an gnothachas a’ sìor fhàs, agus leasachaidhean ùra leithid Achd nan Cànan Albannach, tha an rannsachadh seo a’ tighinn aig àm deatamach airson inbheisteadh a chumadh. 

Bidh an sgrùdadh:

  • dèanamh measadh air luach eaconamach làithreach na Gàidhlig

  • coimhead ri a buannachd shòisealta agus chultarach

  • comharrachadh chothroman ann am prìomh roinnean mu choinneamh an ama ri teachd, a’ gabhail a-steach turasachd, na gnìomhachasan cruthachail agus leasachadh coimhearsnachd

  • togail air far am bi a’ bhuannachd as motha aig taic do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus gnothachasan

""

Carson a tha seo cudromach

Tha pàirt chudromach agus àite a tha a’ fàs aig Gàidhlig ann an dearbh-aithne na roinne agus sa comasachd eaconamach. Bho thurasachd agus meadhanan didseatach gu biadh is deoch, gnìomhachasan cruthachail agus iomairtean fo stiùir na coimhearsnachd, tha àireamh a tha a’ sìor fhàs de bhuidhnean a’ gabhail ri Gàidhlig gus: 

  • fìorachd brannd a neartachadh
  • ceanglaichean nas doimhne luchd-dèiligidhis luchd-tadhail a thogail
  • luchd-èisteachd ùr a tharraing
  • cothroman cosnaidh a chruthachadh
  • taic a chur ri coimhearsnachdan beòthail misneachail

Bheir an rannsachadh seo seachad an fhianais a tha a dhìth gus ro-innleachd san àm ri teachd a stiùireadh agus dèanamh cinnteach gun lean a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh mar phàirt de dh’eaconamaidh nua-aimsireil, ùr-ghnàthach agus roinneil.

Newsletter

Sign up to our newsletter to stay up to date with the latest news, funding, investment and development opportunities from across the 91Ó°ÊÓ and Islands.

Please see our privacy policy for details on how we will use your data.

Thanks for signing up

A confirmation email has been sent to

Get updates that matter to you
Tell us what you're interested in to customise the emails we send you e.g. funding, community development, business support or local events.


Tailor my preferences